(Translated by https://www.hiragana.jp/)
Jämtlands län - Uicipeid Jump to content

Jämtlands län

O Uicipeid
The printable version is no longer supported and may have rendering errors. Please update your browser bookmarks and please use the default browser print function instead.
Jämtlands län
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Prìomh-bhaile Östersund
Stèidhichte 1810
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 49,443 km²
Àireamh-shluaigh 127,376 (2015)
Dlùths 2.58/km²
Àireamh fòn + (46) 06
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Jämtlands län (Suomais: Jämtlandin lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, ann an ceann a tuath na dùthcha, gu deas air Västerbottens län. 'S e Östersund a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1810. Sìnidh Jämtlands län fad 49,443km² agus tha 127,376 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an treas roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 20mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 8 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Östersund nam measg.

Freumhan an ainm

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à emat (Gàidhlig: dìcheallach) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[2]

Eachdraidh

B' e poblachd fèin-riaghlaidh nan luchd-tuath a bh' ann an Jämtland o chionn fhada.[3] Bhuineadh an roinn seo do Niribhidh gu ruige 1645 agus bha i na pàirt Nirribhidh a-rithist fad mìosan ann an 1688.[4] B' e Anders Wasell a' chiad riaghladair na roinne.[5]

Daoine ainmeil

Iomraidhean

  1. SCB
  2. Runeberg
  3. Ekerwald, Carl-Göran (2004) Jämtarnas historia, 124]
  4. Ruineberg
  5. Elgenstierna, Gustaf, red (1925-1936). Den introducerade svenska adelns ättartavlor. Stockholm: Norstedt
  6. IMDB