(Translated by https://www.hiragana.jp/)
Ùr-sgeul - Uicipeid Jump to content

Ùr-sgeul

O Uicipeid
iomhaigh Ùr-Sgeul

'S e iomairt-foillseachaidh neo-eisimeileach a bh' ann an Ùr-Sgeul, le cuideam air rosg Gàidhlig ùr.

Chaidh Ùr-Sgeul a chur air bhonn ann an 2003 gus rosg Gàidhlig ùr a bhrosnachadh. 'S e Comhairle nan Leabhraichean a chur air chois an iomairt, le taic-airgid £50k tro Chomhairle nan Ealain (an Writers Factory)[1]. Ann an ùine ghoirid, dh'fhoillsich an iomairt leabhraichean Gàidhlig ùra bho dhiofar sgrìobhadairean agus thug e taic do ath-nuadhachadh an nobhail ann an Gàidhlig san 21mh Linn.[2][3]

Bhuannaich a' chiad leabhar a nochd anns an sreath, Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, duais an Saltire Society airson 'First Book of the Year', ann an 2003.[4] A-measg nan leabhraichean eile a chaidh fhoillseachadh, tha an nobhail mhòr, An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul. Chaidh seo air an liosta ghoirid airson prìomh dhuais-litreachais an Saltire Society an 2004.[5]

Ann an 2008, chaidh sùil a thoirt air Ùr-Sgeul tro phrògram-telebhisein fon sreath Ealtainn air BBC 2.

Dh'fhoillsich Ùr-Sgeul a' chiad leabhar ficsean Gearmailtis-Gàidhlig (Der Schadel von Damien Hirst), deasaichte le Mìcheal Klevenhaus, aig cur air bhog ann am Bonn, sa Ghearmailt, aig FilmAlba ann an 2009.

Bhuannaich Fionnlagh MacLeòid a' chiad duais litreachais Dhòmhnaill Meek, aig tachartas aig Fèis Leabhraichean Eadar Nàiseanta Dhùn Èideann ann an 2010, airson leabhar Ùr-Sgeul Gormshuil an Righ, a' chiad nobhail aige do dh'inbhich.

Ann an 2011, chaidh Saorsa - cruinneachadh ùr de sgeulachdan goirid le 13 sgrìobhadairean - fhoillseachadh.

Rinn am pàipear-naidheachd The Irish Times sgrùdadh beag air Ùr-Sgeul agus ficsean Gàidhlig ann an 2014.[6]

Dòighean eadar-dhealaichte

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Ùr-Sgeul a' feuchainn ri dòighean ùra eadar-dhealaichte a chleachdadh gus litreachas Gàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh. Ann an 2008, dh'fhoillsich Ùr-sgeul clàr le ceòl ròc agus rosg a' tighinn còmhla, nuair a rinn iad CD le òran bhon chòmhlan-ciùil Na Gathan, fon ainm Ruigidh Sinn Mars.[7] Bha tri sgeulachdan bho triùir sgrìobhadairean eadar-dhealaichte: Iain MacIlleathain, Màiri Anna NicDhòmhnaill agus Seonaidh Adams, air an CD seo. Bha na sgeulachdan air an CD air an toirt bho leabhraichean a chaidh fhoillseachadh le Ùr-Sgeul ann an 2008, le deasachadh sònraichte dhen leabhraichean ann an 2009 (aon leabhar le còmhdach-cruaidh), fon ainm An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile. 'S iad na sgrìobhadairean eile a tha a' nochdadh sa leabhar: Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair), Màiri E. NicLeòid, Pàdraig MacAoidh, Mìcheal Klevenhaus, Mona Claudia Striewe, Alison Lang, Dòmhnall Iain MacÌomhair, Cairistìona Stone, Steafan MacRisnidh, Màrtainn Mac an t-Saoir, Iain Cuimeanach, Màiri NicAmhlaidh Dùn Èideann, Ishi NicIlleathain, Maoilios Caimbeul, Des Scholes, Charles Tripp, Màiri Flòraidh Nic a' Phiocair agus Catrìona Lexy Chaimbeul.

A rèir an neach-naidheachd Alasdair H. Caimbeul ann an 2020, "chuir Ùr-Sgeul sgrìobhadh Gàidhlig fa chomhair an t-sluaigh ann an Alba tro innleachdan margaidheachd a bha lèirsinneach agus cruthachail."[8]

Ann an 2008, chaidh Ùr-Sgeul gu Bòrd na Gàidhlig le iarrtas airson neach-deasachaidh, gus dèiligeadh ris an leasachadh a bha air tighinn ann an rosg. [9] Cha deach le Ùr-Sgeul agus ann an 2012, chan eil neach-deasachaidh làn-ùine fhathast ann.

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Leabhraichean-èisteachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Foillsichean eile

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Claigeann Damien Hirst le Na Gathan - CD, 2009
  • Ruigidh Sinn Mars le Na Gathan - CD, 2008

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Storey, John (March 2007). "Ùr-Sgeul: Ag Ùrachadh Litreachas is Cultar na Gàidhlig . . . Dè an Ath Cheum?" (PDF). Seminars on Research on Language Policy and Language Planning. Oilthigh Dhùn Èideann - Celtic and Scottish Studies. Retrieved 31 July 2012.
  2. Wringe, Mark (2006) “Normalising the Gaelic Novel - an interim review of the success of the Ùr-Sgeul initiative” Forum for the Languages of Scotland and Ulster
  3. MacNeil, Kevin (An t-Samhain, 2011) Review: An Introduction to Gaelic Fiction. The Bottle Imp 10
  4. Saltire Society website, 2003 - https://web.archive.org/web/20100327074404/http://www.saltiresociety.org.uk/literary.htm
  5. "An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn" The List (1/1/2005)
  6. Nic Shim, Natalie (2014-06-17). "Scéal úr gan meirg air – an t-úrscéal sa Ghàidhlig". The Irish Times. Retrieved 2014-06-18.
  7. Gaelic punk by way of Seattle; Skye band Na Gathan set for boundary-breaking gig. The Highland News (13-12-08)
  8. Lisa Storey agus Catriona Mhoireach (2021): Na Leabhraichean Gàidhlig - 25 Bliadhna: CLÀR - 25 years of Gaelic publishing. CLÀR, td. 45. ISBN 978-1838233709. 
  9. Storey, John (April 2009). "Ùr-Sgeul: ceistean agus cothrom". Conference on Scottish Gaelic Literature in the Twentieth Century and Beyond 25 April 2009. Oilthigh Dhùn Èideann - Celtic and Scottish Studies. Retrieved 15 October 2012.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]