(Translated by https://www.hiragana.jp/)
Contae Chill Dara - Uicipeid Jump to content

Contae Chill Dara

O Uicipeid
Contae Chill Dara
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,694 km²
Àireamh-shluaigh 210,312 ()
Dlùths 124.15/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Chill Dara[1] (tuiseal ainmneach: Cill Dara,[2] Laideann: Comitatus Kildarensis). Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 210,312 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,694km²,[3] an 23 siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 8mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Chill Dara le Átha Cliath, Ceatharlach, Cill Mhantáin, Laois, An Mhí agus Contae Uíbh Fhailí.[4] Bha 114,488 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Cnoc Bhaile Chupid (379m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae Chill Dara a chruthachadh ann an 1297.[7]

Sgìrean Ionadail

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha còig baranachdan (Gaeilge: barúntacht) dheug am broinn Chill Dara: Cairbre, Claonadh, Connail, Uí Chéithigh agus Uachtar Fhine, Cill Chuillinn, Cill Chá agus Maoin, An Nás Thuaidh, An Nás Theas, An Fhorrach agus an Réabán Thoir, An Fhorrach agus an Réabán Thiar, Uíbh Fhailí Thoir, Uíbh Fhailí Thiar, An Léim Thuaidh agus An Léim Theas. A bharrachd air sin, tha 113 parraistean[8] (ann an dà sgìreachd-easpaig: Cill Dara-Leithghlinne agus Átha Cliath)[9] agus 1,242 bailtean fearainn sa chontae.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Facts
  8. Irish Times
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann