Deventer
Deventer
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Overijssel | ||||
Co-chomharran | 52° 15 00' Tuath 06° 12 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 134.37 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 98,472 (2012) | ||||
Dlùths | 732.84/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 0570[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Zwolle agus Enschede, air an àirde an ear nan Tìrean Ìsle a th' ann an Deventer (IPA: ˈdeːvəntər, Laideann: Daventria, Frysk: Dimter). Tha e suidhichte aig 12m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-aibhne IJssel, anns an roinn (Duitsis: provincie) Overijssel, 87km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 121km bho Rotterdam, 128km bho Den Haag, 107km bho Tilburg agus 73km bho Utrecht.[3] Tha a h-uile coltas ann gun do stèidhich manach Sasannach, air an robh Lebuinus, an t-àite seo ann an 768 agus fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 956. Tha 98,472 duine a' fuireach ann.[4] Chan eil e idir cinntich cò às a thàinig an t-ainm: tha cuid dhen bheachd gur ann à Daventry, ann an Sasainn far an do rugadh Lebuinus a tha an t-ainm, ach tha feadhainn eile a' creidsinn gur ann às an t-Seann Shasanach deve-treo, neo Sàibhear nan Craoibh, a tha e. Chaochail am Peantair Gerard ter Borch an seo ann an 1681.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Han Hollander - (1886 – 1943) Craoladair.