John F. Kennedy
B' e John Fitzgerald Kennedy (29 an Cèitean, 1917 - 22 an t-Samhain, 1963) an 35mh ceann-suidhe de na Stàitean Aonaichte. Sheas è bho 1961 gus an deach a mhuirt ann an 1963.
An dèidh don Cheannadach obair mar ceannard an USS PT-109, eathar-cuirtiche, ann an taobh a deas an Cuan Sèimh tron an Dara Cogadh t-Saoghal thionndaidh e a shùil gu dreuchd a ghabhail mar neach-poileataigs. Sheas è airson Massachusetts ann an Taigh nan Riochdairean bho 1947 gu 1953 mar Democrat. Rinn Ceannadach a chùis air Richard Nixon, a bha na Iar Cheann-suidhe aig an t-àm, anns an taghadh - aon dha na taghaidhean is teannta ann an eachdraidh an dùthaich - a chaidh air adhart an 1960. Gabh 'n dràsta 's e Iain Ceannadach an aon Caitligeach a chaidh a thaghadh mar Ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte agus an aon ceann-suidhe a tha air am Duais Pulitzer a bhuannachadh. Fhad 's a bha an riaghaltas aige ann an cumhachd thachair Ionnsaigh Bàigh nam Muc, an Cunnart Urchair an Cùba, togail Balla Bherlin, toiseach an Linn-fhànais, an Gluasad Reachd Sobhalta Americanach agus toiseach Cogadh Bhietnam.
Chaidh Ceannadach a mhuirt air an 22 den t-Samhain, 1963, ann an Dallas, Texas. Chaidh an casaid a chuir air Lee Harvey Oswald ach chaidh deach a thoirt gu cùirt oir chaidh esan a mhuirt dà latha an deidh do bàs Ceannadach nuair a loisg Jack Ruby air le gunna. Cho-dhùin an Warren Commission gun robh Oswald ag obair na aonar nuair a chaidh Ceannadach a mharbhadh ach, thuirt an House Select Committee on Assassinations an 1979 gu dòcha gun robh co-cheannairc ann. Tha an cuspair connsachail fhathast le deasbad a dol mu iomadach beachd air mar a thachair am muirt agus cò a bu choireach. 'S e tachartas geur ann an eachdraidh Ameireaganach a th' anns am muirt mar is coireach ris am buaidh a bh' aige air an dùthcha agus iarbhail poilitigeach a lean. Tha tòrr den bheachd gur e Iain Ceannadach ìomhaigh de dhòchasan agus iarrtasan Ameireaganach agus tha beachd mhath aig a chuid mhòr den t-sluagh Ameireaganach air fhathast.
George Washington · John Adams · Thomas Jefferson · James Madison · James Monroe · John Quincy Adams · Andrew Jackson · Martin Van Buren · William Henry Harrison · John Tyler · James K. Polk · Zachary Taylor · Millard Fillmore · Franklin Pierce · James Buchanan · Abraham Lincoln · Andrew Johnson · Ulysses S. Grant · Rutherford B. Hayes · James A. Garfield · Chester A. Arthur · Grover Cleveland · Benjamin Harrison · Grover Cleveland · William McKinley · Theodore Roosevelt · William Howard Taft · Woodrow Wilson · Warren G. Harding · Calvin Coolidge · Herbert Hoover · Franklin D. Roosevelt · Harry S. Truman · Dwight D. Eisenhower · John F. Kennedy · Lyndon B. Johnson · Richard Nixon · Gerald Ford · Jimmy Carter · Ronald Reagan · George H. W. Bush · Bill Clinton · George W. Bush · Barack Obama · Donald Trump · Joe Biden |