‘S e baile mòr ann am meadhan Sheapain a th’ ann 鎌倉市 neo Kamakura (Seann ainm: 鎌府/Renpu). Tha e suidhichte aig dìreach 18m os cionn ìre na mara,[1] faisg air a’ bhàigh Sagami,[2] air an Eilean Honshu,[3] ri taobh na h-Aibhne Funazaka, faisg air Kanagawa, anns an sgìre Kantō, 655km air falbh bho Hiroshima, 936km bho Nagasaki, 18km bho Yokahama agus 45km bho Thokyo, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha 174,016 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[5] an 136mh baile na dùthcha.[6] Tha an t-ainm a’ ciallachadh Batharnach an t-Stòbh bho dhà fhacal ann an Seapanais, Kamado (Stòbh) agus Kura (Batharnach). ‘S e an 4mh baile na bu mhotha san t-saoghal air fad a bh’ann Kamakura anns an 13mh linn,[7] is 200,000 a’ fuireach an seo, is bha e fiù’s na bu motha na Kyoto ann an 1200. Chaochail an sgrìobhadair Yasunari Kawabata: (1899 – 1972) ann an Kamakura.