(Translated by https://www.hiragana.jp/)
Kremenchuk - Uicipeid Jump to content

Kremenchuk

O Uicipeid
Kremenchuk
Кременчу́к
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Poltavska Oblast
Co-chomharran 49° 03 47' Tuath
33° 24 14' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 96 km²
Àireamh-shluaigh 219,022 (2021)
Dlùths 2,281.48/km²
Àireamh fòn + 380 5366
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhanach eadar Poltava agus Oleksandriya san Ucràin a th' ann an Kremenchuk (Ucràinis: Кременчу́к, Pòlais: Krzemieńczuk, Romàinis: Kremenciug, IPA: kremenˈtʃuk). Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro, san roinn Poltavska Oblast. Tha 219,022 duine a' fuireach ann.

Freumh-fhaclachd

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann às an fhacal кремінь (Gàidhlig: ailbhinn) ann an Ucràinis 's a th an t-ainm. A dh' aindeoin sin, tha cuid a dhaoine dhen bheachd gur ann à küçük kale (Gàidhlig: daingneach beag) ann an Turcais's a th' a e.

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1571 mar dhaingneach.[1] B' ann ann an Kremenchuk a chuireadh ainmean gu Cùmhnant Kurukove (Ucràinis: Куруківський Договір), eadar na Cosagaich agus A' Phòlainn, ann an 1625.[2] Thogadh loidhne-rèile eadar Kriukiv agus Kremenchuk ann an 1869. Bha Kremenchuk fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1943 agus 90% toglaichean a' bhaile. Ann an 1991, thàinig Kremenchuk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Chaidh am baile a bhomadh iomadh turas ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022. B' ann mòr an call sa bhaile air sgàth na rinn iad seo ann an ionnsaidh fhuilteach air ionad bhùthan air 27 an t-Ògmhios 2022.[3]

Eòlas-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kremenchuk a' bruidhinn (75.48%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (23.94%).[4] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Kremenchuk tron 20mh Linn, cha b' ann ach anns na 1970an a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[5] A dh'aindeoin sin, thuit an uiread dhaoine a bha nan tàmh ann an Kremenchuk an dèidh A' Cogaidh Mhòir, An Dàrna Cogadh agus fad na 21mh Linn.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Кременчуг: начало истории (1571-1648)
  2. Brian Davies: Warfare, State and Society on the Black Sea Steppe, 1500 – 1700. Routledge, 2014, ISBN 978-1-134-55282-5.
  3. 20 Minutes
  4. Ukcensus
  5. Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]