(Translated by https://www.hiragana.jp/)
Leipzig - Uicipeid Jump to content

Leipzig

O Uicipeid
Leipzig
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Ceàrn Sagsainn
Sgìre Leipzig
Co-chomharran 51° 20′ 25.2″ Tuath
12° 22′ 29.1″ Ear.
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 297.36 km²
Àireamh-shluaigh 592.796 (2020)
Dlùths 1.99/km²
Àireamh fòn 0049 341
Duilleag oifigeil www.leipzig.de

'S e Leipzig (Sorbais Uarach: Lipsk) am baile as motha ann an Sagsainn, ann an earra-dheas na Gearmailt. Anns an Ògmhios 2020 bha 592,796 duine a' fuireach ann.[1]

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha am baile suidhichte anns an Leipziger Tieflandsbucht, àite gu math rèidh, ann an iar-thuath Shagsainn. 'S e seo na co-chomharran aige: 51° 20′ 25.2″ Tuath agus 12° 22′ 29.1″ Ear.

Tha an abhainn Weiße Elster a' ruith tron bhaile. Is iad am Monarchenhügel (159 m) agus am Fockeberg (153 m) na h-àitichean as àirde anns a' bhaile fhèin, tha a' bheinn Galgenberg (163 m) faisg air a‘ bhaile.

Timcheall air Leipzig tha bailtean mòra eile ann, tha Halle (Saale) mu 30 cilemeatair air falbh san iar-thuath, anns an àirde a deas tha Chemnitz a tha mu 80 cileameatair air falbh agus Gera aig astar 60 cilemeatair. Tha Dresden mu 100 cileameatair san earra-dheas, Erfurt timcheall air 100 cilemeatair san iar-dheas agus Magdeburg mu 100 cilemeatair san iar-thuath.

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 900 ri taobh na h-aibhne Parthe mar thuineachadh Slàbhach. Tha a' chiad tùs sgrìobhte a' nochdadh ann an 1015, far an robh Thietmar von Merseburg a' toirt seachad fiosrachadh mu "urbs Libzi" (Baile nan Teilean). Dh' atharraich an t-ainm seo tro na linntean gu Liptzick (1220), Leiptzgk (1402) agus ann an 1507 gu Leipzig.

An t-aros ùr aig Fèill Leipzig

Bhon 12na linn a-mach 's e teas-meadhan malairt cudromach a tha ann an Leipzig. Chaidh an Leipziger Messe (Fèill Leipzig) a chur air bhonn ann an 1190 agus mar sin 's e Leipzig aon dhe na h-àiteachan-fèille as aosta anns an t-saoghal air fad. Air sgàth 's nach robh na seann toglaichean airson na fèille mòr gu leòr, chaidh àros ùr a thogail ann an 1996. Chaidh na seann tallaichean ath-nuadhachadh cuideachd, tha bùthan ann a-nis. An-diugh bidh diofar fhèillean a' tachairt aig amannan eadar-dhealaichte tron bhliadhna, m.e.: fèill ris an canar Auto Mobil International no an Games Convention Online. Tha fèillean eile a' sealltainn nan rudan ùra a tha ceangailte ri taighean, gàirnealachd agus còcaireachd.

Ann an eachdraidh a' bhaile chithear gu bheil ceangal làidir eadar Leipzig agus clò-bhualadh is malairt leabhraichean. Anns an 17mh linn chaidh an Leipziger Buchmesse (Fèill Leabhraichean Leipzig) a stèidheachadh.

Tha cliù aig Leipzig mar bhaile ciùil. Rugadh iomadach Neach-ciùil ainmeil anns a’ bhaile no bha iad ag obair ann.

Tha an talla-consairt Gewandhaus agus an taigh-opara ann an teis-meadhan a’ bhaile. Chaidh orcastra an Gewandhaus a stèidheachadh ann an 1743 agus tha cliù eadar-nàiseanta aice.[2]

’S e an Thomanerchor (còisir Eaglais Naoimh Thòmais) a’ chòisir as sine agus as ainmeile anns a’ bhaile. Chaidh a stèidheachadh ann an 1212 agus chaidh a stiùireadh le iomadach neach-ciùil cudromach thar nan linntean, leithid Johann Sebastian Bach bho 1723 gu 1750.[3]

Tha raon farsaing de thachartasan cultarail gan cumail ann an Leipzig. Chaidh an fhèis-chiùil Bachfest a stèidheachadh ann an 1904 agus bidh i a-nis a’ tachairt a h-uile bliadhna mar chuimhneachan air Johann Sebastian Bach.[4] ’S e an Wave-Gotik-Treffen (WGT) an fhèis Gothic as motha anns an t-saoghal. Chaidh a stèidheachadh ann an Leipzig ann an 1992 agus bidh i a’ tachairt a h-uile bliadhna aig deireadh-seachdain na Caingis.[5]

'S e an dàrna oilthigh as sine anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Leipzig. Chaidh a stèidheachadh ann an 1409.[6] Mar a b' àbhaist aig an àm ud, bhathar a' teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd ann.

Bhon bhliadhna 1927 bha Werner Heisenberg ag obair mar ollamh aig Oilthigh Leipzig. Bhuannaich e Duais Nobel ann an 1932.

'S e Oilthigh Leipzig an aon oilthigh san t-saoghal aig a bheil Roinn na Sòrbais. Tha i a' tabhainn chùrsaichean ceuma ann an Sòrbais Uachdarach agus Sòrbais Ìochdarach, teagasg tro mheadhan na Sòrbais agus mion-chànanan Eòrpach.[7][8] Ann an 2013/2014 bha 37 oileanaich aig an oilthigh agus rinn an stàid Sagsainn cinnteach gum faigh gach oileanach obair mar thidsear ma bhios e soirbheachail aig an oilthigh.

Tha oilthighean is colaistean eile anns a’ bhaile a bharrachd air Oilthigh Leipzig, m. e. a’ cholaiste-chiùil Hochschule für Musik und Theater “Mendelssohn Bartholdy” (HMT), a’ cholaiste-ealain Hochschule für Grafik und Buchkunst agus Hochschule für Technik, Wirtschaft und Kultur (HTWK) le fòcas air teicneòlas, economas agus na meadhanan.

Chaidh an Deutscher Fußballbund (comann ball-coise na Gearmailt) a stèidheachadh ann an Leipzig ann an 1900.[9] Tha iomadach club buill-coise ann an Leipzig anns an latha a tha ann. ’S e RB Leipzig (stèidhichte ann an 2009) an aon fhear dhiubh a tha ann am prìomh lìg na Gearmailt.

Tha HC Leipzig, sgioba ball-làimhe nam ban, am measg an fheadhainn as soirbheachaile anns a’ Ghearmailt. Bhuannaich iad lìg na Gearmailt (no an GDR roimhe) 21 turas.[10] Tha sgioba nam fear aig SC DHFK a’ cluich ann am prìomh lìg na Gearmailt cuideachd.

Tha stèideam buill-coise mòr, an Red-Bull-Arena, agus talla-spòrs is consairt, Arena Leipzig, ann an iar-thuath a’ bhaile.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Daoine a rugadh ann an Leipzig

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Gottfried Wilhelm Leibniz (1646–1716), feallsanaiche agus eòlaiche
  • Karl Liebknecht (1871–1919), fear-polataigs comannach
  • Paul Möbius (1866-1907), ailtire
  • Clara Schumann (née Wieck, 1819-1896), cluicheadair-piàna agus ceòl-sgrìobhaiche
  • Lene Voigt (1891-1962), sgrìobhaiche agus bana-bhàrd dhùthchasach
  • Richard Wagner (1813–1883), ceòl-sgrìobhaiche
  • Walter Ulbricht (1893-1973), fear-polataigs comannach, ceann-stàite an GDR

Daoine a bha a’ fuireach ann an Leipzig

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Johann Sebastian Bach (1685–1750), cumadair-ciùil, stiùiriche an Thomanerchor
  • Ernst Bloch (1885–1977), feallsanaiche
  • Heinz Erhardt (1909–1979), cleasaiche agus fear-ciùil
  • Theodor Fontane (1819–1898), bàrd agus sgrìobhaiche
  • Christian Fürchtegott Gellert (1715–1769), bàrd; ollamh aig Oilthigh Leipzig
  • Johann Wolfgang von Goethe (1749–1832), bàrd; na oileanach ann an Leipzig bho 1765 gu 1768
  • Edvard Grieg (1843–1907), ceòl-sgrìobhaiche Nirribheach; na oileanach ann an Leipzig bho 1858 gu 1862
  • E. T. A. Hoffmann (1776–1822), sgrìobhaiche
  • Erich Kästner (1899–1974), sgrìobhaiche, na oileanach ann an Leipzig bho 1919 gu 1925
  • Gustav Mahler (1860–1911), ceòl-sgrìobhaiche
  • Felix Mendelssohn Bartholdy (1809–1847), ceòl-sgrìobhaiche
  • Friedrich Nietzsche (1844–1900), feallsanaiche
  • Louise Otto-Peters (1819–1895), neach-iomairt airson còraichean nam ban
  • Rainer Maria Rilke (1875–1926), bàrd
  • Joachim Ringelnatz (1883–1934), sgrìobhaiche agus bàrd
  • Robert Schumann (1810–1856), ceòl-sgrìobhaiche

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. www.statistik.sachsen.de
  2. Das Gewandhausorchester: Von der Kapelle zur Weltmarke(Gearmailtis).
  3. Thomanerchor Leipzig(Gearmailtis).
  4. Geschichte des Bachfestes(Gearmailtis).
  5. Die wichtigsten Fragen zum WGT. MDR Kultur(Gearmailtis).
  6. Universität Leipzig.
  7. Institut für Sorabistik: Aufgaben und Profil.
  8. Institut für Sorabistik: B. A. Europäische Minderheitensprachen.
  9. Deutscher Fußballbund: Historie”.
  10. Die Handballchronik des HC Leipzig”.
  11. Stadt Frankfurt am Main
  12. Stadt Hannover
  13. Riaghaltas Iosrael
  14. SisterCities
  15. Urząd Miasta Krakowa
  16. Ville de Lyon

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: