(Translated by https://www.hiragana.jp/)
Easbaig ùr Earra-Ghàidheal 's nan Eilean aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba - Naidheachdan a' BhBC

Easbaig ùr Earra-Ghàidheal 's nan Eilean aig Eaglais Easbaigeach na h-Alba

  • Air fhoillseachadh
An Ceart Urramach an Dtr Keith Ringlin aig an t-seirbheis choisrigidhTùs an deilbh, Scottish Episcopal Church

Chaidh an Ceart Urramach an Dtr Keith Ringlin a choisreagadh mar Easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean le Eaglais Easbaigeach na h-Alba.

Chruinnich Colaiste nan Easbaigean aig Cathair-eaglais Naoimh Eòin airson seirbheis shònraichte san Òban Disathairne.

Ri linn riaghailtean a' choròna-bhìorais, cha robh ach beagan de luchd-dàimh an easbuig ùir an làthair.

Chaidh a thaghadh a-mach à triùir a sheas airson na dreuchd na bu thràithe am-bliadhna agus an Ceart Urramach Kevin Pearson air gluasad a Ghlaschu agus Gall-Ghàidhealaibh.

B' e a' chiad turas a bha taghadh easbaig air-loidhne aig an eaglais.

Bha an t-Easbaig Keith roimhe na Iar-Dheadhan agus Seaplain aig Colaiste an Rìgh ann an Lunnainn, far an robh e cuideachd na Òraidiche Tadhalach ann an Roinn na Diadhachd.

Bha e na Iar-shagart aig Eaglais Naoimh Anna ann an Soho agus na Phreasbadair aig Seipeal Wesley ann an Lunnain.

Mus deach e gu Colaiste an Rìgh ann an 2012 bha e na shagart ann an Sgìre-Easbaig Earra-Ghàidheal agus nan Eilean.

Tha e pòsta aig a' Chanan Jennifer Nic a' Ghobhainn a tha na preasbadair Meathodach agus ministear aig Seipeal Wesley ann an Lunnainn.

Tha dà nighean aca agus ghabh an dithis ceum bho UCL.

'S fìor thoil leis filmichean agus dannsa ùr-nòsach agus tha e air a bheò-ghlacadh leis a' cheòl aig ball nam Beatles Seòras Harrison, nach maireann, cho math ri Dtr Who.