(Translated by https://www.hiragana.jp/)
Cluaran - Uicipeid Jump to content

Cluaran

O Uicipeid
Cirsium vulgare - Cluaran deilgneach

'S e ainm aig iomadh lus anns an teaghlach Asteraceae a tha ann an cluaran no fòghnan. Gu h-àraidh, thathar an t-ainm ga chleachdadh airson lus de na dreaman Carduus, Cirsium agus Onopordum.

Luibh-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha lusan dream Onopordum dà bhliadhnail agus lusan dream Cirsium a' fàs fiù 's barrachd bhliadhnaichean. Lorgar iad anns an Roinn-Eòrpa, Àisia, Afraga agus Aimearaga a Tuath, agus bha iad air an cur ann an Astràilia cuideachd. Tha flùraichean purpaidh aca agus tha bioran air na cuiseagan (agus aig feadhainn de sheòrsachan air na duilleagan). Faodaidh na cuiseagan a' fàs gu 0.5-3m a dh'àirde. Fàsaidh iad eadhon ann an àiteachan nach eil gu math torrach.

Uaireigin, thathar am facal "cluaran" ga chleachdadh airson liathan (Chrysanthemum segetum).[1]

Onopordum acanthium

Anns an earraideas, 's e suaicheantas na h-Alba a tha anns a' chluaran bho chionn iomadh bliadhna 's linn. 'S iad na seòrsachan na thathar gan cleachdadh mar shamhla seo nas trice Cirsium vulgare - Cluaran deilgneach agus Onopordum acanthium (ged nach eil e dùthchasach do Alba).[2] Chan eil e ro fhurasta a-nis a dhèanamh a-mach le fìrinn cuine no ciamar a chaidh an t-urram sin a bhuileachadh air, oir chan eil eachdraidh sgrìobhte a tha a' cur solas sam bith air a' chùis.

Sgeul a' chluarain

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha beul-aithris ann a tha a' cur an cèill na dòigh anns an tàinig e mun cuairt ge-tà.

Aig àm nan Lochlannach bha na Gàidheil agus na Lochlannaich air campachadh mu choinneamh a chèile, deiseil gu dhol a chur a chath air an làrna mhàireach. Cha robh e air a mheas aig an àm sin, ceart no uasal do aon fheachd feall-fhalach a dhèanamh air feachd eile, no tighinn orra le foill rè na h-oidhche. Chaidil na Gàidheal gu socrach, sàmhach, air an oidhche sin, gun eagal foille no gnìomh mì-onarach sam bith orra. Ach 's ann a ghabh na Lochlannaich cothrom an dorchadais agus chuir iad romhpa tighinn air na Gàidheil gun fhios dhaibh agus briseadh a-staigh don champ aca far am biodh làn chothrom aca air am murt 's am marbhadh. Nuair a dh'fhalbh iad, bha a h-uile mac màthar air a chasan rùisgte air eagal starbraich sam bith a dhèanamh a bheireadh caismeachd dha na Gàidheil. Mar a bha am breamas an dàn dhaibh, sheas aonar fear air cluaran geur, stobach, agus chaidh na biorain fada, caola an sàs am bonn a choise. Nuair a leig e sgreuch, dhùisg na h-Albannaich agus ann am priobadh na sùla bha gach duine fo armachd, ghabh iad an coinneamh nan Lochlannach agus chuir iad an ratreut orra le sgath mòr. Agus nuair a thuig iad dè a dh'adhbhraich an sgriach a thug caismeachd dhaibh, chuir iad romhpa gum biodh an cluaran mar shuaicheantas aca bho sin a-mach.[3][4]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. John Cameron: The Gaelic names of plants (Scottish, Irish and Manx), d 54
  2. John Cameron: The Gaelic names of plants (Scottish, Irish and Manx), d 52
  3. Làrach-lìn beul-aithris aig Comhairle nan Eilean Siar[dead link]
  4. Litir do Luchd-ionnsachaidh 479 le Ruairidh MacIllEathainn, BBC[dead link]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: