Rugadh e ann am Florence agus bha e an sàs ann am beatha culturach is catharra a' bhaile mus do dh'fhuadaich na h-ùghdarrasan e ann an 1302. Dh'fhuirich e ann an grunn bailtean san Eadailt, leithid Verona is dh'imrich e do Ravenna ann an 1319, far an do choilean e am Paradiso is chaochail ann an 1321.[1]
'S e am pàirt dhe a bhàrdachd air a bheil a chuid mhòr eòlach a chiad treas dheth - na 34 duanag aig an toiseach - ris an canar Inferno no Ifrinn a tha a dèiligeadh le Ifrinn mar a chì Dante e. 'S e aon de na ràdhan is ainmeil anns a' Cleas-Chluiche "Lasciate ogne speranza, voi ch'intrate" no "Leig às ur dòchas, neach sam bi dh'inntreadh an seo".