Iapanais
Iapanais | |
---|---|
![]() | |
Fuaimneachadh | [ɲihoŋɡo] |
Ga bruidhinn ann an |
|
Luchd-labhairt iomlan | 130 millean [2] |
Reangach | 9 |
Teaghlach-chànan | Iapanach |
Siostam-litreachaidh | Lideirean agus Logagrafan Iapanach |
Inbhe Oifigeil | |
Cànan oifigeil ann an | Iapan |
Air a riaghladh le | Gin (ach, tha Riaghaltas Iapan an sàs ann gu mòr) |
Còdan Cànan | |
ISO 639-1 | ja |
ISO 639-2 | jpn |
SIL | jpn |
Tha tuilleadh air 130 millean daoine aig a bheil Iapanais, a tha a' fuireach ann an Iapan agus ann an coimhearsnachdan eilthirich Iapanach air feadh an t-saoghail. 'S e Nihongo (
Tùs agus Seòrsachadh
[deasaich | deasaich an tùs]'S e cànan in-sònraichte (isolated language) a th' ann an Iapanais. 'S e an cànan as dlùithe ris, Coirianais (a thaobh morf-eòlas, co-chàradh gu h-àraid), ach nam biodh Ryūkyūanais (teanga Okinawa) ga mheas mar chànan na chòir fhèin, 's esan an cànan a bu dhlùithe mar phàirt dhen aon teaghlach cànain.[3]
Gidheadh, 's iomadh teoric a tha ann a tha a' sireadh air mìnicheadh a thoirt air tùs a' chànain seo, ach chan eil fiù 's aon dhiubh sin nach eil air a connsachadh. Tha cuid de sgoilearan air Iapanais a cheangladh ri Coirianais, Mongolais agus na cànanan Altaic eile, a' toirt iomradh air coimeas gràmadach eatorra. Tha sgoilearan eile a' sìreadh tùs a' chànain ann an sòisealtasan coltach ri Iapan a thaobh cultar agus eag-eòlas eadar ceann a deas Sìona agus an Himalaya. An dèidh sin, tha feadhainn eile a' cumail a-mach gur ionnan tùs a' chànain agus na cànanan Draibhideach agus cànanan nan ioma-eileanach.(Polynesia) 'S ann tric a bhithear a' moladh gur e crìtheol a th' anns a' chànan seo, a' gabhail a-steach tuilleadh air aon de na teangannan sin.
Buadhan
[deasaich | deasaich an tùs]'S e cànan co-glaodhach (agglutinating language) a th' ann an Iapanais. 'S e sin gu bheil i a' leigeil rithe structar gràmadach le bhith a' ceangladh comharran (は、が、に/wa, ga, ni) ri stuic fhacail.[4]
Ged a tha riochdairean ann mar:
Mar eisimpleir, chanar
Riochdan Modhail
'S iomadh chaochladh a tha air Iapanais a-rèir dreuchd, inbhe is àite san t-sòisealtas, gnè agus aithneachadh sgìreil an neach-labhairt. Tha siostam gràmadach farsainn aig Iapanais gus cainnt a chur air foirmeileachd agus modhaileachd; rud aig nach eil a' chuid as motha de chànanan Siarach.
Keigo
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Keigo (
Dòighean eadar-dhealaichte air na h-aon rudan a ràdh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha fiù 's gnìomhar beag sìmplidh air a chur an cèill ann an diofar dhòigh a-rèir cò tha a' dol càite. Ma tha thu fhèin a' dol a thadhail air neach aig a bheil inbhe nas àirde, 's iad mairu agus ukagau na gnìomhairean a thathas a' cleachdadh (oir, tha sin a' sealltainn an inbhe nas ìsle a th' agad fhèin; dh' fhaodadh cainnt ùmhail seach cainnt urramach a chur orra). Ma 's e neach 's inbhe nas àirde aige a bhios a' falbh a dh'àiteigin, 's iad irassharu agus oideninaru na gnìomhairean urramach. Tha diofar ìrean fhoirmealachd ann cuideachd. Ma 's e 's gu bheileas a' bruidhinn ri caraidean dlùith, 's e iku am facal mì-fhoirmeil, leis na comharran fireann no boireann, yo no wa, air an cur ris a cheann. 'S e ikimasu no ikundesu a bhiodh ann ge-tà, ann an suidheachadh nas fhoirmeile, fiù 's eadar daoine is inbhe co-ionann aca. 'S iad suidheachaidhean "desu/masu" a theireas ri seo; far an gabh gnìomhairean suidheachaidhean foirmeil na deiridhean modhail -desu no -masu.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Leasan tòiseachaidh Iapanaise tro mheadhan na Gàidhlig
- Sgeulachd cloinne Iapanach: Comain na corra-ghrithich air eadar-theangachadh bhon Iapanais le Steaphan MacRisnidh aig Dàna (Gàidhlig)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Staitistig Riaghaltas Iapan [1]
- ↑ Cànanan an t-Saoghail [2]
- ↑ Japan As It Is/
日本 タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken ISBN 4-05-401425-9 - ↑ Japan As It Is/
日本 タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken ISBN 4-05-401425-9